Celtic Lyrics Corner > Artists & Groups > Fiona Mackenzie > Seinn! O Ho Ro Seinn! > Hò Rò Mo Nighean Donn Bhòidheach
|
Hò Rò Mo Nighean Donn Bhòidheach |
| Credits : | Traditional |
| Appears On : | Seinn! O Ho Ro Seinn! |
| Language : | Gàidhlig (Scottish Gaelic) |
| Lyrics : | English Translation : |
| Ho rò mo nighean donn bhòidheach | Ho ro my beautiful brown-haired maiden |
| Hi rì mo nighean donn bhòidheach | Hi ri my beautiful brown-haired maiden |
| Mo chaileag laghach bhòidheach | My kind, beautiful maiden |
| Cha phòsainn ach thu | I would not marry anyone but you |
| A nighean donn nam blàth-shùl | Oh brown-haired maiden of the warm eyes |
| Gur trom a thug mi gràdh dhut | I loved you deeply |
| Tha d'iomhaigh, ghaoil, is d'àilleachd | Your appearance, dear, and your beauty |
| A ghnàth tigh'nn fom ùidh | Always come into my mind |
| Cha cheil mi air an t-saoghal | I shall not conceal from the world |
| Gu bheil mo mhiann 's mo ghaol ort | That you are my desire and that I love you |
| 'S ged chaidh mi uat air faondradh | And though I strayed from you |
| Cha chaochail mo rùn | My love will not change |
| Ach nuair a thig an samhradh | But when the sumer comes |
| Bheir mise sgrìob don ghleann ud | I shall make a trip to that glen |
| 'S gun tog mi leam don Ghalldachd | And I shall take with me to the Lowlands |
| Gu h-annsail am flùr | Lovingly, the flower |